
An ath ghèam aig Alba ann an iomairt Lìog nan Nàiseanan an aghaidh na h-Eilbheis a-nochd aig 1900.

Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar nàiseanta bho @bbcnaidheachdan. Local, national & international sports news from BBC Gaelic. Retweets are not endorsements.

An ath ghèam aig Alba ann an iomairt Lìog nan Nàiseanan an aghaidh na h-Eilbheis a-nochd aig 1900.

Somhairle MacDhòmhnaill agus Eòghan MacAoidh Stiùbhart le sùil air ais air seusan na h-iomain agus a' toirt am beachd mu na molaidhean 'son cruth-atharrachadh air iomain nam fear.

Sùil air a' phrògram as ùire aig Eòrpa air an staing am measg shlighean leasachaidh do chloinn ann am ball-coise na h-Alba agus na fuasglaidhean a dh'fhaodadh a bhith ann.

Dòmhnall Angaidh, Mìcheal is Màiri Anna a' cnuasachadh air seusan an SWPL thuige seo agus a' toirt sùil air iomairt na h-Alba gus faighinn gu Cupa na Cruinne.

Bha Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich air ais am measg nan tadhal, ged a tha a-nise ceist air sgioba Raghnaill Rois mu Roddy Young is e air a ghlùin a ghoirteachadh. bbc.in/4ykL03S

Air an Spòrscast as ùire tha Somhairle MacDhòmhnaill & Eòghan MacAoidh Stiùbhart a' beachdachadh air na th' air a bhith a' dol ann an saoghal na h-iomain. Èistibh an seo: bbc.in/47csoH9

Dhearbh cathraiche Chomann Ball-coise Leòdhais is Na Hearadh gun tèid cuairt dheireannach Chupa MalCivils am-bliadhna a chur dheth chun a' Ghiblein 2027. bbc.in/4AyICbe

Tha Cupa na Camanachd air ais ann an Ceann a' Ghiùthsaich. bbc.in/4yLm7xV

Tha cairteal na h-uaireach air fhàgail san Òban is tha fuamhairean Bhàideanach a-nise co-ionnan 1-1. bbc.in/3VFpoAv


Na tadhail a bhuannaich Cupa na Camanachd do Bhaile Ùr an t-Slèibh an-uiridh - ach dè thachras sa chuairt dheireannaich an-diugh? Tha sinn beò air-loidhne an-dràsta aig bbc.in/3TFfoqn

🔴🔵 Ceann a’ Ghiùthsaich 🆚 Baile Ùr an t-Slèibh 🔵⚪️ 🏆 Cupa na Camanachd 📻 @BBCRnG ⏰ 13:00

Baile Ùr an t-Slèibh airson Cupa na Camanachd a bhuannachadh "airson nan daoine". Leugh tuilleadh: bbc.in/4yJAuTp

Ceann a' Ghiùthsaich airson Cupa na Camanachd a thoirt air ais bho Bhaile Ùr an t-Slèibh. Leugh tuilleadh: bbc.in/4rjtLNm

Tha dithis às Inbhir Nis gu bhith a' riochdachadh Alba ann an rèisean iomraidh thairis air an deireadh-sheachdain...

Cò gheibh an làmhan air Cupa na Camanachd is Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiùthsaich gus a dhol ann an ugannan a chèile a-rithist a-màireach. bbc.in/4y2gQSC